Mo Mhulad

Rody Gorman

fhalbhaidh ‘n saoghal …

Theirig mi a’ chiad char, fhathast amh,
Don ghàrradh a chrathadh nan cnò ‘s an sprùillich
Is an fhuidhill den fheòil a-mach
An lùib nan abhall mar a rinn sinn a-riamh
Mar bheatha do na ceileirichean ud –
A’ bhrù-dhearg is an snagan-daraich,
An druid is an lon-dubh ‘s am breacan-beithe –
San t-soitheach-chrè a’ siùdadh a-null
‘S a-nall gu sìorraidh suthainn an crochadh
Ris a’ chrann mun do chuir mo ghaol
Crìoch air fhèin le teud
Bà bà mo leanabh moch Dihaoine.

Leave a Reply