Maoilios Caimbeul

Samhla agus Mothachadh

Dàn feallsanachail

Tha samhlaidhean
nan annlan dhan chridhe

an-còmhnaidh a’ riochdachadh
rudeigin eile.

Nuair a smaoinicheas tu air,
’s e samhla th’ anns a h-uile nì,

no, co-dhiù, feumaidh e a bhith
na shamhla sa mhothachadh.

Chan eil an t-atam beag agus cruaidh
mar a bha iad a’ smaoineachadh uair

ach na raon de chumhachd
a dh’fhaodadh fàs faicsinneach;

sgòth de “dh’fhaodadh”
a’ bualadh sgrion ’na mhìr.

Tha an smuain a’ dannsadh
ann an sgòth dhealantach

ach chan eil an smuain na h-atam
’s chan eil an t-atam na smuain;

tha an smuain na samhla,
ach chan ataman iad;

tha an smuain ann an toiseach,
a’ tarraing cairt nan atam;

chan e cairt nan atam
a tha a’ cruthachadh smuain.

Tha samhlachas a dhìth airson bruidhinn –
tha fuaimean do bheòil nan samhla.

Tha samhlachas a dhìth airson sgrìobhadh –
tha na facail nan samhla.

Tha samhlachas a dhìth airson seamafor –
tha na brataichean nan samhla.

Tha na h-annlan – na h-ainglean! –
a’ dannsadh ann am mìle riochd

a’ sruthadh a-mach às a’ chridhe,
às gach cridhe, à cridhe na cruinne.

Na mhothaich thu dhad mhothachadh
ag ràdh rid thoil rud a ghluasad?

Do mhothachadh na boinne
de chuan a’ Mhothachaidh

a th’ anns, is tro, gach nì,
toirt còmhla samhl’ is brìgh.

Ceò ag èirigh à simileir:
samhla gu bheil cuideigin beò!

Sgòth ataman ann an eanchainn,
gun iad a’ ciallachadh dad:

agus sgòth shamhlaidhean gun chiall
gus am faic mothachadh am brìgh.

Tha suathadh do phòig na shamhla –
cha mhòr gun urrainn dhomh bruidhinn.

Tha Maoilios Caimbeul a’ fuireach san Eilean Sgitheanach. ’S e bàrd agus sgrìobhadair a th’ ann agus tha e air grunn nobhailean airson òigridh, sgeulachdan goirid, agus còig cruinneachaidhean bàrdachd a chur an clò, sia ma tha sinn a’ cunntas Breac-a’-Mhuiltein, làn chruinneachadh de dhàin a dh’fhoillsich Coiscéim ann an 2007. Tha e cuideachd air nobhail, Teas, a’ sgrìobhadh do dh’inbhich. Bha e na cho-ùghdar air dà leabhar eile o chionn ghoirid: Dà Thaobh a’ Bhealaich le Mark Goodwin agus Island Conversion le a bhean Mairead. Bha e na Sgrìobhadair Greis Còmhnaidh ann an Sabhal Mòr Ostaig ann 2008 agus ’s e a’ chiad bhàrd Gàidhlig air mhuinntireas a bh’ aig StAnza, fèis litreachais eadar-nàiseanta ann an Cill Rìmhinn, nuair a chomharraich iad  ceud bliadhna bhon rugadh Somhairle MacGill-Eain ann an 2011. Tha làrach-lìn aige aig:  www.maoilios.caimbeul.co.uk

Myles Campbell is from the Isle of Skye. He is a poet and writer and has written a number of novels for young readers, short stories, and five collections of poetry, six counting Breac-A’-Mhuiltein, a selection of poems 1974-2006 published by Coiscéim in 2007. He has also written one adult novel Teas and has recently co-authored two books: The Two Sides of the Pass with Mark Goodwin and Island Conversion with his wife Margaret. He was Writer in Residence in the Gaelic college, Sabhal Mòr Ostaig, in 2008 and he was the first Gaelic Writer in Residence at StAnza, the international annual poetry festival, based in St Andrews, when they celebrated the centenary of Sorley MacLean’s birth in 2011. His website is www.maoilios.caimbeul.co.uk

Leave a Reply